Rut 2:10Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich? Faic an caibideil |
Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair-chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo.