Agus thog Menahem an t‑airgead o Israel, eadhon uapasan uile a bha comasach ann an saoibhreas, lethcheud secel airgid o gach duine, a‑chum a thabhairt do rìgh Asiria: agus thill rìgh Asiria air ais, agus cha d’fhan e an sin anns an tìr.
Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.
Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.
Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.