Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan-chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus aig ceann nan seachd bliadhna thill a’ bhean à tìr nam Philisteach: agus chaidh i a‑mach a ghairm air an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn.

Agus leig Maois le a athair-cèile imeachd; agus dh’fhalbh e roimhe da thìr fhèin.

Agus thubhairt iad rithe, Gu cinnteach maille riutsa tillidh sinne a dh’ionnsaigh do shluaigh.

Agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad a‑rìs: agus phòg Orpah a màthair-chèile, ach dhlùth-lean Rut rithe.

Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.

Agus thubhairt Naòmi ra dà bhan-chliamhainn, Falbhaibh, tilleadh gach aon agaibh do thaigh a màthar; gum buineadh an Tighearna gu coibhneil ribh, mar a bhuin sibhse riùsan nach maireann, agus riumsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan