Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e.

Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;

Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,

Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as a seo.

Oir tha do sheirbhisich a’ gabhail tlachd na clachan, agus tha deagh rùn aca da luaithre.

Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal.

Beannaichidh mi gu mòr a lòn; sàsaichidh mi a bochdan le aran.

Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos.

A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil.

Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd.

Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.

Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;

Oir mar seo deir an Tighearna, Nuair a choileanar ann am Bàbilon deich agus trì-fichead bliadhna, thig mise gur n‑amharc, agus coileanaidh mi dhuibh m’fhacal math, a‑chum ur toirt air ur n‑ais don àite seo.

Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach.

Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.

Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.

Uime sin air dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bitheamaid toilichte leo sin.

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.

Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir.

Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan-chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah.

Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan