Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?

Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.

A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.

Agus ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de na ban-Mhòabaich: b’e ainm aoin dhiubh Orpah, agus ainm na mnà eile Rut: agus ghabh iad còmhnaidh an sin mu thimcheall deich bliadhna.

Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan