Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair Elimelech, fear Naòmi, bàs; agus dh’fhàgadh ise agus a dithis mhac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige.

Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.

Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.

Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.

Agus ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de na ban-Mhòabaich: b’e ainm aoin dhiubh Orpah, agus ainm na mnà eile Rut: agus ghabh iad còmhnaidh an sin mu thimcheall deich bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan