Mar sin thill Naòmi, agus Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean a mic, maille rithe, a thill à fearann Mhòaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain-eòrna.
Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna.
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh a fhoghar, an sin bheir sibh sguab de chiad-thoradh ur fogharaidh a dh’ionnsaigh an t‑sagairt:
Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair-chèile.
Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib: