Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile-chumhachdach fo àmhghar mi?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Tha thu ag ath-nuadhachadh d’fhianaisean am aghaidh, agus a’ meudachadh do chorraich rium; tha caochladh agus cogadh am aghaidh.

Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.

Agus rinn thu mi làn phreasag-aodainn; mar fhianais tha sin: agus dh’èirich mo chaoile am aghaidh; rim aodann freagraidh i.

A chionn gun d’fhuasgail e mo chòrd, agus gun do shàraich e mi, leig iadsan mar an ceudna an t‑srian sgaoilte romham.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son-se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan