Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem.

Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.

Agus bha òganach o Bhetlehem Iùdah, de theaghlach Iùdah, a bha na Lèbhitheach, agus bha e air chuairt an sin.

Mar sin cheannsaicheadh Mòab air an là sin fo làimh Israeil. Agus bha fois aig an tìr ceithir-fichead bliadhna.

Agus fhuair Elimelech, fear Naòmi, bàs; agus dh’fhàgadh ise agus a dithis mhac.

Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir.

Agus bha aig Naòmi caraid a‑thaobh a fir, duine cumhachdach aig an robh mòr-bheartas, de theaghlach Elimeleich, agus b’e a ainm Bòas.

Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.

A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.

Oir chuir Israel agus na Philistich iad fhèin an òrdagh catha, armailt an aghaidh armailt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan