Agus dh’imich iad le chèile gus an tàinig iad gu Betlehem. Agus nuair a bha iad air teachd gu Betlehem, ghluaiseadh am baile uile man timcheall, agus thubhairt iad, An i seo Naòmi?
Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig-fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile?
Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib: