Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Itai an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò mo thighearna, an rìgh, gu cinnteach ge bè àit anns am bi mo thighearna, an rìgh, mas ann a‑chum bàis no a‑chum beatha, eadhon an sin bidh do sheirbhiseach.

Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.

Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha.

Mar sin gun dèanadh Dia ri Abner, agus tuilleadh mar an ceudna, mar a mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh, mura dèan mise eadhon mar sin ris-san;

Agus an dèidh dha esan adhlacadh, labhair e ra mhic, ag ràdh, Nuair a gheibh mise bàs, an sin adhlaicibh mi anns an uaigh anns a bheil an duine le Dia adhlaicte; làimh ra chnàmhan-sa cuiribh mo chnàmhan-sa:

Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam-sa mar anam aoin dhiùbhsan.

An sin mhionnaich rìgh Solamh air an Tighearna, ag ràdh, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura ann an aghaidh a anama fhèin a labhair Adoniah am facal seo.

Agus chuir Ben-hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn-sa.

An sin thubhairt e, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma sheasas ceann Elisa mhic Shaphait air an‑diugh.

Eisd, a nighean, agus amhairc, agus aom do chluas; agus dìochuimhnich do shluagh fhèin agus taigh d’athar.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa.

Agus bidh e dhut na fhear ath-nuadhachadh do bheatha, agus na fhear-altraim do sheann aois, oir is i do bhan-chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e.

Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.

Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla.

Agus thubhairt e, Ciod an nì a chaidh a ràdh riut? Na ceil ormsa e, guidheam ort: gun dèanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu nì air bith orm, de gach nì a chaidh a ràdh riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan