Rut 1:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar-chèile air tilleadh a dh’ionnsaigh a sluaigh, agus a dh’ionnsaigh a diathan; till thusa an dèidh do pheathar-chèile. Faic an caibideil |
Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.