Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad a‑rìs: agus phòg Orpah a màthair-chèile, ach dhlùth-lean Rut rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh.

Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin.

Agus chaidh an sluagh uile thar Iòrdan, agus chaidh an rìgh thairis: agus phòg an rìgh Barsillai, agus bheannaich e e; agus thill e da àite fhèin.

Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Oir nì an Tighearna iochd air Iàcob, agus roghnaichidh e fhathast Israel, agus suidhichidh e iad nam fearann fhèin; agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlùth-leanaidh iad ri taigh Iàcoib.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Ach nuair a chuala an t‑òganach na briathran sin, dh’fhalbh e gu brònach: oir bha mòr-shaoibhreas aige.

Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.

Ach tha sibhse, a lean ris an Tighearna ur Dia, beò gach aon agaibh air an là‑an‑diugh.

Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia.

Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama.

Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son-se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh-sa.

Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar-chèile air tilleadh a dh’ionnsaigh a sluaigh, agus a dh’ionnsaigh a diathan; till thusa an dèidh do pheathar-chèile.

Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan-chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah.

Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair-chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan