Rut 1:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son-se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh-sa. Faic an caibideil |
Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.