Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Rut 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tillibh, mo nigheanan; imichibh; oir tha mise tuilleadh is sean gu fear a bhith agam: nan abrainn, Tha dòchas agam, nam biodh fear agam eadhon a‑nochd, agus mar an ceudna gum beirinn mic,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar.

Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì-fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine,

Agus thubhairt Naòmi, Tillibh, mo nigheanan; carson a thèid sibh maille riumsa? A bheil fhathast mic agamsa am innibh, gu bhith agaibh nam fir?

Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son-se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan