An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar.
Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis fhèin a bhiodh an sliochd; agus nuair a chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh bean a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, a‑chum nach tugadh e sliochd da bhràthair.
Nuair a ghabhas bràithrean còmhnaidh maille ri chèile, agus gum faigh aon dhiubh bàs, agus gun duine cloinne aige, cha phòs bean a’ mhairbh a‑mach ri coigreach: thèid a bràthair-cèile a‑steach da h‑ionnsaigh, agus gabhaidh e dha fhèin i na mnaoi, agus nì e dlighe bràthar-chèile rithe.
Tillibh, mo nigheanan; imichibh; oir tha mise tuilleadh is sean gu fear a bhith agam: nan abrainn, Tha dòchas agam, nam biodh fear agam eadhon a‑nochd, agus mar an ceudna gum beirinn mic,