A‑nis ri linn nam britheamhan, bha gort anns an tìr: agus chaidh duine àraidh de Bhetlehem Iùdah gu bhith air chuairt ann am fearann Mhòaib, e fhèin agus a bhean, agus a dhithis mhac.
Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.
Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.
A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh.
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!
Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal nur n‑uile bhailtean, agus goinne arain nur n‑uile lùchairtean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.
Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iùdah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àite: agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thuras.