Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd.

Na tilg uat mi an àm seann aoise; nuair a dh’fhàilnicheas mo neart, na trèig mi.

Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais.

Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.

Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

Uime sin tha sinne, mar cho-obraichean leis-san, a’ guidhe oirbh, gun sibh a ghabhail gràs Dhè gu dìomhain:

Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.

Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;

Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;

Airson a bheil mi am theachdaire ann an gèimhlean: a‑chum gun labhair mi gu dàna uime, mar as còir dhomh labhairt.

Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

Eadhon na daoine aosda a bhith aireach, suidhichte, measarra, fallain anns a’ chreideamh, ann an gràdh, ann am foighidinn:

Ach is mò a ghuidheam oirbh seo a dhèanamh, a‑chum gur luaithe a dh’aisigear mise dhuibh.

A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;

Agus tàrlaidh nuair a thig an athraichean no am bràithrean dar n‑ionnsaigh-ne a dhèanamh gearain, gun abair sinn riu, Bithibh bàidheil riu air ar son-ne, a chionn nach do ghlèidh sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh, oir cha tug sibhse dhaibh anns an àm seo, air chor is gum biodh sibh ciontach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan