Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:

Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas-urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.

Uime sin do bhrìgh gu bheil againn a shamhail seo de dhòchas, tha sinn a’ cleachdadh mòr-dhànachd cainnte:

No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth-shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith-buidheachais.

Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.

Cha mhò a dh’iarr sinn urram o dhaoine, no uaibhse, no o dhaoine eile, ged dh’fhaodamaid ar trom a leagail oirbh, mar abstoil Chrìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan