Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Oir thug iad suaimhneas dom spiorad-sa, agus dur spiorad-se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin.

Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd-se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile.

Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh-se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.

A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;

Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.

Oir ciod e ar dòchas-ne, no ar n‑aoibhneas, no ar crùn uaille? Nach sibhse fhèin e ann am fianais ar Tighearna Iosa Crìosd aig a theachd?

Oir ciod am buidheachas a dh’fhaodas sinn ìocadh do Dhia as ur leth-se, airson an aoibhneis sin uile leis a bheil sinn ri gàirdeachas dur taobh am fianais ar Dè,

Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh:

Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn-sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan