Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.

A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh-se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile,

O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile;

Ach a‑nis nuair a thàinig Timòteus uaibhse dar n‑ionnsaigh-ne, agus a thug e deagh sgeul dhuinn mur creideamh agus ur gràdh, agus gu bheil cuimhne mhath agaibh oirnne a‑ghnàth, a’ miannachadh gu mòr sinne fhaicinn, amhail a tha sinne mar an ceudna a’ miannachadh sibhse fhaicinn:

Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Agus is i seo a àithne-san, gun creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid a chèile, mar a thug esan àithne dhuinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan