Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.
Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.
Ma dh’fhiosraichear nì sam bith mu Thìtus, is e mo chompanach-sa e, agus mo cho-obraiche dur taobh-se: no mu thimcheall nam bràithrean, is iad teachdairean nan eaglaisean, agus glòir Chrìosd.
Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho-obraiche, agus mo cho-shaighdear, ach ur teachdaire-se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh.
Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.
Tha Aristarchus mo cho-phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris);