Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd-dàimh agus mo cho-phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa.
Tha Aristarchus mo cho-phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris);
Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.