Ag ràdh, A Phòil, na biodh eagal ort; is èiginn dhut a bhith air do thoirt an làthair Chèasair: agus, feuch, thìodhlaic Dia dhut iadsan uile a tha a’ seòladh maille riut.
Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin, ma bhios mi air tùs an càil-eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar-se.
Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran.
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta.
Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.