Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.
Agus chuir sinn maille riu ar bràthair, a dhearbh sinn gu minig dùrachdach ann am mòran nithean, ach a‑nis nas ro‑dhùrachdaiche, a‑thaobh an ro‑earbsa tha aige asaibh-se.
Tha muinghinn agam asaibh anns an Tighearna, nach bi sibh a dh’aon dòigh air atharrachadh inntinn: ach an tì a tha a’ cur dragha oirbh, giùlainidh e a bhreitheanas, cò air bith e.