Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir thug iad suaimhneas dom spiorad-sa, agus dur spiorad-se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin.

Oir ma nì mise duilich sibhse, cò e matà a nì subhach mise, ach an tì air an do chuireadh doilgheas leam?

Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd-se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile.

Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach agus air a bheil mo dhèidh, m’aoibhneas agus mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann anns an Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.

Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;

Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.

Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?

Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan