Bidh mise am urras air a shon; om làimh-sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm:
Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul.
A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:
Air eagal ma thig na Macedònaich maille rium, agus gum faigh iad sibhse neo-ullamh, gum bi nàire oirnne (gun a ràdh oirbhse), à dànadas na h‑uaille seo.
A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear.