Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin ma mheasas tu mise mar fhear co‑roinne, gabh ris-san mar rium fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo ann am ainm-sa, gabhaidh e mise.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.

Ma dh’fhiosraichear nì sam bith mu Thìtus, is e mo chompanach-sa e, agus mo cho-obraiche dur taobh-se: no mu thimcheall nam bràithrean, is iad teachdairean nan eaglaisean, agus glòir Chrìosd.

Gum biodh na Cinnich nan co‑oighreachan, agus nan co‑chorp, agus nan luchd-compàirt de a ghealladh-san ann an Crìosd, tre an t‑soisgeul:

Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.

Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.

Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;

Agus ma rinn e eucoir ort, no ma dhligheas e nì sam bith dhut, cuir sin as mo leth-sa.

Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan