Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Philemoin 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Neach a bha uaireigin neo-thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.

Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e.

Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.

Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.

Tha Lùcas na aonar maille rium. Gabh Marcus agus thoir leat e: oir tha e feumail dhòmhsa a‑chum na ministrealachd.

Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;

Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan