Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhealaich sìol Israeil iad fhèin o uile chloinn choigreach, agus sheas iad, agus dh’aidich iad am peacaidhean, agus euceartan an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, ma nì iad aithreachas nan cridhe anns an tìr dan tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo nam braighdean iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, rinn sinn gu h‑aingidh;

A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach.

Agus dh’ith clann Israeil a thàinig air an ais on bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin dan ionnsaigh o shalchar cinnich na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna, Dia Israeil.

Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.

A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.

Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd-riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo.

Biodh do chluas a‑nis furachair, agus do shùilean fosgailte, a‑chum is gun èisd thu ri ùrnaigh d’òglaich, a tha mi a’ dèanamh ad fhianais a‑nis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil d’òglach: agus tha mi ag aideachadh peacaidhean chloinn Israeil, a pheacaich sinn ad aghaidh: pheacaich araon mise agus taigh m’athar.

Agus a’ chuid eile den t‑sluagh, na sagartan na Lèbhithich, na dorsairean, an luchd-seinn, na Netinich, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin o shluagh nan tìrean a‑chum lagh Dhè, am mnathan, am mic, agus an nigheanan, gach aon aig an robh eòlas agus tuigse;

Dhlùth-lean iad rim bràithrean, an àrd-uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan:

A‑nis nuair a chuala iad an lagh, dhealaich iad an sluagh measgte uile o Israel.

Mar seo ghlan mi iad o gach coigreach, agus dh’òrdaich mi fairean nan sagart agus nan Lèbhitheach, gach aon na ghnothach fhèin:

Saor mi, agus teasairg mi o làimh clann choigreach, aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige.

Sìn uat do làmh on àirde, saor mi, agus teasairg mi o uisgeachan mòra, à làimh clann choigreach,

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.

Tha sinn ag aideachadh, O Thighearna, ar n‑aingidheachd fhèin, agus euceart ar n‑athraichean; oir pheacaich sinn ad aghaidh-sa.

A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth-sa, deir an Tighearna.

Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ri ùrnaigh, agus ag aideachadh mo lochdan, agus lochdan mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’athchuinge an làthair an Tighearna mo Dhia, airson sliabh naomh mo Dhè:

Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan