An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.
Agus is iad seo cinn na mòr-roinne, a chòmhnaich ann an Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah: ghabh gach aon còmhnaidh na sheilbh fhèin, nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na Netinich, agus mic seirbhisich Sholaimh.
Is iad seo clann na mòr-roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis, agus a thill gu Ierusalem agus gu Iùdah, gach fear da bhaile fhèin:
Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.