Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 6:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir mi teachdairean dan ionnsaigh, ag ràdh, Tha mi a’ dèanamh obrach mòire, agus chan urrainn mi dol sìos: carson a sguireadh an obair, nuair a dh’fhàgainn-sa i agus a rachainn sìos dur n‑ionnsaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Uime sin shuidhich mi anns na h‑àitean a b’ìsle air cùlaibh a’ bhalla, agus air na h‑àitean a b’àirde, shuidhich mi eadhon an sluagh a rèir an teaghlaichean len claidheamhan, len sleaghan, agus lem boghachan.

Chuir Sanbalat agus Gesem teachdairean am ionnsaigh, ag ràdh, Thig, agus coinnicheamaid a chèile ann an Chephirim ann an còmhnard Ono: ach smaoinich iadsan air olc a dhèanamh orm.

Gidheadh chuir iad teachdairean am ionnsaigh air an dòigh seo ceithir uairean; agus fhreagair mi iad air an dòigh cheudna.

Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

Ag ràdh, Thòisich an duine seo air taigh a thogail, agus cha b’urrainn e a chrìochnachadh.

Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan