Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:
Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,
Ach nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus na h‑Arabaich, agus na h‑Amonaich, agus na h‑Asdodaich, gu robh uile bhallachan Ierusaleim gan cur suas, gun do thòisich na beàrnan ri bhith air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra,
Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.
Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.