Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Eisd, O ar Dia, oir tha tàir air a dhèanamh oirnn, agus tionndaidh am masladh air an ceann fhèin, agus tabhair iad nan cobhartach ann an tìr a’ bhraighdeanais:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus ìoc dar coimhearsnaich a sheachd uiread nam broilleach, am masladh leis an do mhaslaich iad thusa, a Thighearna.

Gu cinnteach air luchd-fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs.

Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean?

Thigeadh an aingidheachd uile fad chomhair; agus dèan riu mar a rinn thu riumsa airson m’uile lochdan: oir tha m’osnaidhean lìonmhor, agus mo chridhe lag.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan