Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Làimh ris-san chàraich Udsiel mac Harhaiah, de na h‑òr‑cheàrdan: agus làimh ris-san chàraich Hananiah, mac aoin de na lèighean, agus neartaich iad Ierusalem gu ruig am balla leathann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àithn Iòseph da sheirbhisich, na lèighean, spìosraidh a chur air corp a athar; agus chuir na lèighean spìosraidh air Israel.

Agus dh’imich a’ chuideachd eile a bha a‑chum molaidh thall fan comhair, agus mise nan dèidh, agus leth an t‑sluaigh air a’ bhalla, o thaobh shuas tùr nan àmhainn gu ruig am balla leathann;

Agus nì thu dheth ola-ungaidh naomh, ola-ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola-ungaidh naoimh.

Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.

Taomaidh iad òr as a’ mhàla, agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan