Agus làimh riùsan chàraich Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris-san chàraich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riùsan chàraich Sadoc mac Bhaanah.
Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t‑airgead agus an t‑òr agus na soithichean ann an taigh ar Dè, le làimh Mheremoit mhic Uriah an sagart, agus maille ris bha Eleàsar mac Phinehais, agus maille riùsan Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lèbhithich:
Na dhèidh-san chàraich Hananiah, mac Shelemiah, agus Hanun, siathamh mac Shalaiph, an t‑ath-thomhas: na dhèidh-san chàraich Mesulam mac Bherechiah, fa chomhair a sheòmair fhèin.
Oir bha mòran ann an Iùdah air toirt am mionnan dha, a chionn gum bu chliamhain e do Shechaniah mac Arah agus gun do ghabh Iohanan a mhac nighean Mhesulaim, mhic Bherechiah, na mnaoi.