Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan-cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah.
Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.
Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.
Agus làimh riùsan chàraich Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris-san chàraich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riùsan chàraich Sadoc mac Bhaanah.
Agus an seann gheata chàraich Iehoiada mac Phaseah, agus Mesulam mac Bhesodeiah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, agus a ghlasan, agus a chroinn.
A‑nis nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus Gesem an t‑Arabach, agus a’ chuid eile de ar naimhdean gun do thog mi am balla, agus nach d’fhàgadh briseadh ann (ged nach do chuir mi suas anns an àm sin còmhlachan air na geatachan),
Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.