Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 3:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nan dèidh-san chàraich Beniàmin agus Hasub, fa chomhair an taighe: na dhèidh-san chàraich Asariah mac Mhaaseiah, mhic Ananiah, làimh ra thaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Seraiah, Asariah, Ieremiah,

Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lèbhithich air an t‑sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh nan àite.

Agus sheas Esra an sgrìobhaiche air crannaig fhiodha, a rinn iad airson a’ ghnothaich, agus làimh ris sheas Matitiah, agus Sema, agus Anaiah, agus Uriah, agus Hilciah, agus Maaseiah, air a làimh dheis; agus air a làimh chlì Pedaiah, agus Misael, agus Malchiah, agus Hasum, agus Hasbadana, Sechariah agus Mesulam.

Agus làimh ris-san chàraich Iedaiah mac Harumaiph, eadhon fa chomhair a thaighe: agus làimh ris-san chàraich Hatas, mac Hasabniah.

Agus na dhèidh-san chàraich na sagartan, daoine a’ chòmhnaird.

Na dhèidh-san chàraich Binui, mac Henadaid, an t‑ath-thomhas, o thaigh Asariah gu ruig an tionndadh, agus gu ruig an oisinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan