Na dhèidh-san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear-riaghlaidh leth-roinn Bhet-suir, gu ruig fa chomhair àitean-adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet-agbarim.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth-chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr.
Ach geata an aolaich chàraich Malchiah mac Rechaib, fear-riaghlaidh roinn Bhet-hacereim: thog e e, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn.
Agus rinn sibh clais eadar an dà bhalla, airson uisge na seann linne; ach cha d’amhairc sibh airsan a rinn e; agus esan a dhealbh o shean e, cha tug sibh fa‑near.
Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth-chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair.
Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.