Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic-chridheach len làmhan, agus thug iad leo an nì a shnìomh iad, an gorm, agus an corcar, an sgàrlaid, agus an t‑anart grinn.
Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.