Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Eliasib an t‑àrd-shagart maille ra bhràithrean na sagartan, agus thog iad geata nan caorach: naomhaich iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan: eadhon gu ruig tùr Mheah naomhaich iad e, agus gu ruig tùr Hananeeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Iesua Ioiacim, agus ghin Ioiacim Eliasib, agus ghin Eliasib Ioiada,

Agus ghlan na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatachan, agus am balla.

Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.

Agus bha aon de mhic Ioiada, mhic Eliasib an t‑àrd-shagart, na chliamhain aig Sanbalat an t‑Horonach: uime sin dh’fhògair mi uam e.

Agus roimhe seo bha aig Eliasib an sagart, a chuireadh os cionn seòmar taigh ar Dè, cleamhnas ri Tobiah.

Na dhèidh-san chàraich Baruch mac Shabai an t‑ath-thomhas, on tionndadh gu ruig doras taigh Eliasib an t‑àrd-shagart.

Na dhèidh-san chàraich Meremot mac Uriah, mhic Acois, an t‑ath-thomhas, o dhoras taigh Eliasib gu ruig ceann taigh Eliasib.

Agus o dhol suas na h‑oisinn gu geata nan caorach, chàraich na h‑òr‑cheàrdan agus na ceannaichean.

A‑nis nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus Gesem an t‑Arabach, agus a’ chuid eile de ar naimhdean gun do thog mi am balla, agus nach d’fhàgadh briseadh ann (ged nach do chuir mi suas anns an àm sin còmhlachan air na geatachan),

A‑nis nuair a thogadh am balla, agus a chuir mi suas na còmhlachan, agus a dh’òrdaicheadh na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus na Lèbhithich,

Molaidh mi thu, a Thighearna, oir thog thu suas mi, agus cha tug thu air m’eascairdean gàirdeachas a dhèanamh os mo chionn.

Cuartaichibh Sion, agus rachaibh ma timcheall; àirmhibh a tùir.

Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an togar a’ chathair airson an Tighearna, o thùr Hanameeil gu geata na h‑oisne.

Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì-fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach.

Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.

A‑nis tha ann an Ierusalem, làimh ri geata nan caorach, lochan ris an abrar anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig taighean-fasgaidh.

Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh ris an t‑sluagh, ag ràdh, Cò e am fear a thog taigh nodha, agus nach do choisrig e? Rachadh e agus tilleadh e a‑chum a thaighe, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun coisrig fear eile e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan