Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh mi air m’aghaidh gu geata an tobair, agus gu lochan an rìgh: ach cha robh àit ann don ainmhidh a bha fodham gu dol thairis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol-hoseh, fear-riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth-chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?

Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile.

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.

Agus aig geata an tobair a bha fan comhair, chaidh iad suas air ceuman baile Dhaibhidh, aig dol suas a’ bhalla, os cionn taigh Dhaibhidh, gu ruig geata an uisge a làimh na h‑àird an ear.

Rinn mi dhomh fhèin lochain uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan:

Na dhèidh-san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear-riaghlaidh leth-roinn Bhet-suir, gu ruig fa chomhair àitean-adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet-agbarim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan