Nehemiah 13:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus roimhe seo bha aig Eliasib an sagart, a chuireadh os cionn seòmar taigh ar Dè, cleamhnas ri Tobiah. Faic an caibideil |
Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.