A chionn nach do choinnich iad clann Israeil le aran agus le uisge, agus gun do thuarasdalaich iad Balàam nan aghaidh a‑chum am mallachadh: ach thionndaidh ar Dia am mallachadh gu beannachadh.
O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.
Cha tèid Amonach no Mòabach a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna; eadhon gus an deicheamh ginealach cha tèid iad a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna a‑chaoidh;
A chionn nach do choinnich iad sibh le aran agus le uisge air an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, agus a chionn gun do thuarasdalaich iad ad aghaidh Balàam mac Bheoir, o Phetor na Mesopotamia, a‑chum do mhallachadh.
Gidheadh, chan èisdeadh an Tighearna do Dhia ri Balàam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhut am mallachadh gu beannachadh, a chionn gum bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu.