Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nehemiah 12:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo na sagartan agus na Lèbhithich a chaidh suas maille ri Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua: Seraiah, Ieremiah, Esra,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.

Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh.

Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar-hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn.

An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.

Agus chaidh cuid de chloinn Israeil, agus de na sagartan, agus de na Lèbhithich, agus den luchd-seinn, agus de na dorsairean, agus de na Netinich, suas gu Ierusalem, anns an t‑seachdamh bliadhna de Artacsercses an rìgh.

Agus de na Lèbhithich bha roinnean ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin.

Agus ghin Iesua Ioiacim, agus ghin Ioiacim Eliasib, agus ghin Eliasib Ioiada,

Amariah, Maluch, Hatus,

A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Asariah, Raamiah, Nahàmani, Mordecai, Bilsan, Misperet, Bigbhai, Nehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL.

Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.

An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna.

Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.

Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd-shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh,

Agus gabhaidh tu airgead agus òr, agus nì thu crùin, agus cuiridh tu iad air ceann Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan