Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nahum 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is truagh don chathair fhuiltich! Tha i uile na ceilg, làn de reubainn: chan eil sgur air a’ chreich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Agus, feuch, ri àm an fheasgair, uamhas; agus mun tig a’ mhadainn, chan eil e ann. Seo cuibhreann na muinntir a tha gar creachadh, agus crannchur na dream a tha gar spùinneadh.

Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i.

Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd-creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?

Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.

Reub an leòmhann gu leòr airson a chuileanan, agus mharbh e airson a leòmhannan boireann, agus lìon e a thuill le cobhartach, agus a uaimh le creich.

Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean.

Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas baile le fuil, agus a dhaingnicheas cathair le aingidheachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan