Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nahum 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Àirmhidh e a dhaoine treuna a‑rìs: leagaidh iad sìos nan imeachd: nì iad deifir a‑chum a bhalla, agus ullaichear an dìdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna-feadhna, ungaibh an sgiath.

Cha bhi aon neach fann, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr-iall am bròg.

Chuala na cinnich do mhasladh, agus lìon do ghaoir an talamh: oir thuislich iad, an laoch an aghaidh an laoich; thuit iad araon le chèile.

Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.

Fosglar geatachan na h‑aibhne, agus bidh an lùchairt air a sgaoileadh.

Tha do bhuachaillean ri clò-chadal, O rìgh Asiria: tha d’uaislean nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na slèibhtean, agus chan eil aon neach ann gan cruinneachadh.

Togaidh am marcaich suas araon an claidheamh loinnireach, agus an t‑sleagh lìomhaidh; agus tha mòran de mhairbh ann, agus àireamh mòr de chuirp: chan eil crìoch air an cairbhean; tha iad a’ tuisleachadh air an cuirp:

Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean-allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc-shluagh o ioma-chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan