Bidh na carbadan air bhoile anns na sràidean, buailidh iad an aghaidh a chèile anns na h‑ionadan farsaing: bidh an dreach mar leòis, ruithidh iad mar dhealanaich.
Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.
Oir feuch, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt-ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine.
Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire-chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir-chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha.
Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.
Le lìonmhorachd a chuid each, falaichidh an duslach thu; criothnaichidh do bhalla le toirm a’ mharc-shluaigh, agus nan rothan, agus nan carbadan, nuair thèid e a‑steach air do gheatachan, mar a thèid daoine a‑steach air baile anns an do rinneadh briseadh.
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch bheir mise air Tìrus Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, rìgh rìghrean on àird a tuath, le eich agus le carbadan, agus le marcaich, agus le cuideachdan, agus le mòran sluaigh.
Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.