Rinneadh sgiath a dhaoine cumhachdach dearg, tha na gaisgich ann an sgàrlaid: bidh na carbadan mar leusan lasrach ann an là a ullachaidh; agus crathar gu h‑uamhasach na sleaghan giuthais.
Tha na croinn-ghiuthais fhèin ri gàirdeachas tharad, agus croinn-sheudair Lebanoin ag ràdh, On uair a thuit thusa, cha tàinig fear-gearraidh a‑nìos nar n‑aghaidh-ne.
Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch bheir mise air Tìrus Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, rìgh rìghrean on àird a tuath, le eich agus le carbadan, agus le marcaich, agus le cuideachdan, agus le mòran sluaigh.
Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan-miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna.
Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid.
Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.