Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Nahum 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir aisigidh an Tighearna a‑rìs òirdheirceas Iàcoib, mar òirdheirceas Israeil: oir mhill an luchd-millidh iad, agus sgrios iad an geugan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Taghaidh e ar n‑oighreachd dhuinn, òirdheirceas Iàcoib, a ghràdhaich e. Selah.

An àite thu a bhith air do thrèigsinn, agus air d’fhuathachadh, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh, ad adhbhar-gàirdeachais feadh linn nan linn.

Oir feuch, air a’ chathair a tha air a h‑ainmeachadh air m’ainm, oirre sin tha mise a’ tionnsgnadh air olc a thabhairt, agus am faod sibhse dol as gu glan-shaor o pheanas? Cha tèid sibh as: oir gairmidh mise claidheamh air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn, deir Tighearna nan sluagh.

Bha suaimhneas aig Mòab o a òige, agus shocraich e air a dheasgainean, agus cha do thàirngeadh a‑mach o shoitheach gu soitheach e, cha mhò a dh’imich e ann am braighdeanas: air an adhbhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a fhàile.

Ma thig luchd-tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr.

Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, bheir mise clann Israeil o mheasg nan cinneach gus a bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, agus bheir mi iad gu an dùthaich fhèin.

Cha mhò a thruailleas iad iad fhèin tuilleadh len iodhalan, no len nithean fuathach, no le aon air bith den euceartan: ach saoraidh mise iad on uile cheannaircean anns an robh iad ciontach, agus glanaidh mi iad: mar sin bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhaibhsan.

B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth-chreadha.

Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan